Tha Fèill Àiteachais Chàrlabhaigh air àite a chosnadh mar thachartas sònraichte, chan ann a-mhàin ann an Càrlabhagh fhèin ach ann an Leòdhas air fad. Tha gu leòr de mhuinntir an eilein a bhios a’ tighinn dhachaigh air saor-làithean a’ dèanamh cinnteach gum bi iad aig an taigh air a’ chiad Diciadain san Lùnastal – an latha a tha air a bhith aig “Show” Chàrlabhaigh bho 1954. Tha iomadh atharrachadh air a thighinn air dreach an Show bhon àm sin, ach tha brìgh an latha mar a bha e a-riamh – faireachdainn càirdeil agus tuigsinn gu bheil a’ choimhearsnachd fhathast fallainn. Tha fios agad gu bheil thu dol a choinneachadh ri daoine nach fhaca tu bho Show na bliadhn’ an-uiridh, tha fios agad gu bheil thu dol a dh’fhaicinn taisbeanaidhean eireachdail de ghlasraich, shìtheanan, obair-ciùird, bèicearachd, stoc – agus tha fios agad gu bheil sìde mhath gu bhith ann! 

’S e an “Cattle Show” a bhios aig muinntir an àite air an Fhèill, a’ sealltainn cho cudromach ’s a bha an crodh aig toiseach cùise. Cha robh an t-ainm sin freagarrach airson grunnan bhliadhnachan, ach tha an crodh air fàs ann an àireamh a-rithist, agus tha sin a’ togail ùidh anns an stoc. An-diugh, tha crodh Gàidhealach air fàs cumanta, tha caoraich dhubha a-rithist san fhasan, agus ma tha ùidh agad ann an eich, no coin, no cearcan, no tunnagan, gheibh thu tlachd anns an Show. 

Tha na farpaisean Gàidhealach air a bhith nan tarraing bho thoiseach, agus ’s e an Show an aon chothrom a th’ aig gu leòr farpaisean Geamannan Gàidhealach mar an dòrnag, an òrd agus an cabar fhaicinn. Faodaidh an òigridh nach eil tapaidh gu lèor fhathast, feuchainn air spòrsan mar leum agus ruith, agus fealla-dhà gu leòr a bhith aca leis an tug-o-war. 

Sìtheanan, measan, glasraich, cèicichean, sconaichean, uighean, geansaidhean, Clò Hearach … tha na taisbeanaidhean cho lìonmhor ann an àireamh ’s a tha iad sònraichte ann an deasachd, agus ma bhios tu fortanach puingean a chruinneachadh, ’s dòcha gum faigh thu cupa no cuach aig deireadh an latha! 

Tha an àite fhèin cuideachd aig ceòl agus dannsa. Tha farpaisean pìobaireachd ann do sgoilearan agus inbhich, agus tha an Dannsa Gàidhealach a’ tarraing tòrr luchd-amhairc. 

Tha àireamh Fhèilltean anns na h-Eileanan a-nis, ach chan eil gin ach Càrlabhagh is urrainn a ràdh gu bheil iad air a bhith dol gun bhriseadh bho 1954. ’S e an aon Show cuideachd a tha fosgailte do Leòdhas agus Na Hearadh air fad. Ann an 2003, chaidh comharrachadh na leth-cheud bliadhna le iris bhrèagha dhathe fhoillseachadh, a’ toirt iomradh air eachdraidh an Show bhon chiad fhear ann an 1911 suas gu 2003. Am measg gach nì eile, tha cunntas ann air an fheadhainn a dhleas an onair Show Chàrlabhaigh fhosgladh. Tha an leabhar fhathast ri fhaighinn, agus ma tha sibh ag iarraidh leth-bhreac, leigibh fios

Feuch nach tèid an Show seachad oirbh – a’ chiad Diciadain san Lùnastal!